Alasdair III na h-Alba - Uicipeid
Alasdair III na h-Alba | |
---|---|
| |
6 dhen Iuchar 1249 - 19 dhen Mhàrt 1286 ← Alasdair II na h-Alba - Margaret, Maid of Norway (en) ![]() | |
Beatha | |
Breith | Rosbrog, 11 dhen t-Sultain 1241 (Gregorian) |
Dùthaich |
![]() |
Bàs | Fìobha, 26 dhen Mhàrt 1286 (Gregorian) |
Àite-adhlacaidh | Abaid Dhùn Phàrlain |
Nàdar a’ bhàis |
accidental death (en) ![]() |
Teaghlach | |
Athair | Alasdair II na h-Alba |
Màthair | Marie de Coucy |
Cèile |
Margaret of England (mul) ![]() Yolande of Dreux (en) ![]() |
Clann |
liosta |
Fine | Taigh Dhùn Chailleann |
Foghlam | |
Cànain | Meadhan-Bheurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | monarc |
Àitichean-obrach | Alba |
Seirbheis san arm | |
Strì | Cogaidhean Neo-eisimeileachd na h-Alba |
B' e Alasdair III (4 an t-Sultain 1241–19 am Màrt 1286) na Rìgh na h-Alba eadar 1249 is 1286. B' e rìgh làidir a bh' ann an Alasdair agus bha àm air an cathrach-rìoghal mar bu trice glè sìtheil. Aig an àm seo bha buaidh làidir Ceilteach ann an Alba fhathast agus ceangal ri Sasainn oir bha nighean rìgh Shasainn – Èideard I – am bana-phrionnsa Mairead, aig Alasdair mar bhean.
'Se rìgh cho cumhachdach 'sa lorgadh tu aig àm no àite sam bith ann an eachdraidh a bh' ann an Èideard I. Bha e mur tha air ionnsaigh a thoirt air Èirinn agus a' Chuimrigh leis a Chuimrigh a nis mar aon de na roinnean aig Sasainn. Thoisich cùisean a fàs nas miosa an deidh do bean agus mic Alasdair bàsachadh ann an tìde ghoirid. Bha seo a fàgail Rìgh na h-Alba as aonais mac a leanadh e agus e dà fhichead sa còig bliadhna a dh'aois.
Dh'ionnsaigh e an t-Eilean Sgitheanach ann an 1262 is shabaid a fheachdan ri feachdan Nirribhidh faisg air an Leargaidh Ghallda ann an 1264. Chaochail Rìgh Nirribhidh, Haakon, ann am Baile na h-Eaglaise sa gheamhradh is dh'aontaich a mhac, Rìgh Magnus, ri Alasdair, anns a' Chùmhnant Pheairt, gun deach na h-Eileanan Siar is Eilean Mhanainn nam pàirtean na h-Alba.[1]
Phòs e a rithist aig Abaid Jedburgh ri nighean òg brèagha den ainm Yolande de Dreux.[1] Air an dara latha deug den Mhàirt 1286 bhàsaich Rìgh Alasdair. Bha e air tilleadh bho Caisteal Dhùn Èideann gu Ceann Gronna far an robh a mhnaoi. Ged a bha na h-uaislean is thriathan a bha còmhla ris aig iarraidh air fuireach gu fàsadh an aimsir nas fheàrr sa mhaidinn chan èisdeadh e rubha. Chaill e a chompanaich san dorchadas agus an ath mhaidinn lorg iad a chorp aig bonn bearraidh. Dh'fhàg seo Alba gun rìgh agus rinn Èideard a h-uile oidhirp smachd fhaighinn air Alba agus is ann mar seo a thoisich linn de chreach agus sabaid eadar an dà rìoghachd.
- ↑ 1.0 1.1 “BBC - Scotland's History - Alexander III, King of Scots”. BBC. Air a thogail 16mh dhen Chèitean 2018.