Coinneach Mac an Tòisich - Uicipeid
Coinneach Mac an Tòisich | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||
6 dhen Chèitean 1999 - 31 dhen Mhàrt 2003 Sgìre: A' Choille Shear Taghadh: Taghadh Albannach 1999
1 dhen Chèitean 2003 - 2 dhen Ghiblean 2007 Sgìre: A' Choille Shear Taghadh: Taghadh Albannach 2003
3 dhen Chèitean 2007 - 22 dhen Mhàrt 2011 Sgìre: A' Choille Shear Taghadh: Taghadh Albannach 2007
5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016 Sgìre: A' Choille Shear Taghadh: Taghadh Albannach 2011
5 dhen Chèitean 2016 - 12 dhen Chèitean 2016 Sgìre: Alba an Iar Taghadh: Taghadh Albannach 2016
12 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021 Sgìre: Alba an Iar
12 dhen Chèitean 2016 - 13 dhen Chèitean 2021 ← Tricia Marwick (en) ![]() | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Inbhir Nis, 15 dhen Fhaoilleach 1962 | ||||||
Dùthaich |
![]() | ||||||
Ciad chànan | Beurla | ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam |
Oilthigh Dhùn Èideann An Àrd-sgoil Rìoghail | ||||||
Cànain | Beurla | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs agus riochdaire telebhisein | ||||||
Fastaichean | BBC | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach |
Pàrtaidh Làbarach na h-Alba Am Pàrtaidh Làbarach |
'S e neach-poileataigs na h-Alba a tha ann an Coinneach Mac an Tòisich BPA (Beurla: Ken Macintosh). Rugadh e air 15 am Faoilleach 1962 ann an Inbhir Nis is dh'ionnsaich e eachdraidh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Mus robh e sa Phàrlamaid, bha e na riochdaire telebhisein aig a’ BBC.[1] Bha e na bhall Pàrlamaid na h-Alba airson A' Choille Shear don Phàrtaidh Làbarach gu ruige Taghadh Albannach 2016 nuair a chaill e a sheat, ach chaidh a thaghadh mar bhall-liosta airson Alba an Iar. Thaghadh e mar oifigear-riaghlaidh na Pàrlamaide an dèidh Taghadh Albannach 2016 nuair a leig Tricia Màrabhaig dhith a dreuchd.[2] Ged a bha e na bhall den Phàrtaidh Làbarach na h-Alba, mar oifigear-riaghlaidh cha b’urrainn dha bhòtadh leis a phàrtaidh. Dh'fhàg e am Pàrlamaid ann an 2021.[3]
Bha athair, Fearchar Mac an Tòisich nach maireann, cudromach ann am foghlam Gàidhlig is bha e na chathraiche air Bòrd nan Urrasairean aig t-Sabhail Mòr Ostaig.[4]
- Pàrlamaid na h-Alba: Ken Macintosh MSP
- They Work for You: Kenneth Macintosh, MSP, West Scotland (Beurla)
- ↑ “Personal Information” (Beurla). Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 14mh dhen Chèitean 2016.
- ↑ “Ken Macintosh chosen as Holyrood presiding officer”. 12mh dhen Ògmhios 2016. Air a thogail 17mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ Rhodes, Mandy: “Return of the Mac: a view of the Scottish Parliament from retiring presiding officer Ken Macintosh”, Holyrood. 6mh dhen Ghiblean 2021. Air a thogail 17mh dhen Ògmhios 2021.
- ↑ “Dr Farquhar Macintosh” (Beurla), An t-Albannach. 27mh dhen t-Samhain 2007. Air a thasglannadh [o http://www.scotsman.com/news/obituaries/dr_farquhar_macintosh_1_701347] 28mh dhen Dùbhlachd 2018. Air a thogail 18mh dhen Ògmhios 2021.