Contae Ard Mhacha - Uicipeid
Contae Ard Mhacha | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Còigeamh | ![]() |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,254 km² |
Àireamh-shluaigh | 127,700 () |
Dlùths | 101.83/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a Tuath a tha ann an Contae Ard Mhacha.[1] Tha e suidhichte ann an àirde an ear-thuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 127,700 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,254km²,[2] an 28mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 14mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Ard Mhacha le Lú, An Dún, Tír Eoghain agus Muineachán.[3] Bha 235,309 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[4] 'S e Sliabh gCuillinn (550m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[5] Chaidh Comhairle Chontae Ard Macha a bhristeadh suas ann an 1973 is ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite.[6] 'S ann à Macha (IPA: ˈmaxə),[7] ban-dhia nan each agus a' chogaidh a tha ainm na siorramachd.
Tha seachd baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Ard Mhacha: Feá Íochtaracha, Feá Íochtaracha, Uí Nialláin an Ear, Uí Nialláin an Iar, Airthir, Tuath Threana agus Ard Mhacha fhèin. A bharrachd air sin, tha 29 parraistean[8] (ann an dà sgìreachd-easpaig: Drom Mór agus Ard Mhacha)[9] agus tòrr bailtean fearainn sa chontae.[10]
- ↑ Sabhal Mòr Ostaig
- ↑ Scoil Cronáin Naofa
- ↑ Scoil Cronáin Naofa
- ↑ “Abstract of the census of Ireland for the year 1841”. Online Historical Population Reports, Oilthigh Essex. Air a thogail 8mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ Defra
- ↑ ULST
- ↑ Irish Facts
- ↑ Ancestry Ireland
- ↑ Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann
- ↑ PRONI