Johan de Witt - Uicipeid
Johan de Witt | |||
---|---|---|---|
![]() | |||
1650 - 1653
30 dhen Iuchar 1653 - 4 dhen Lùnastal 1672 ← Adriaan Pauw (en) ![]() ![]()
1660 - 1672 | |||
Beatha | |||
Ainm slàn | Jan de Witt | ||
Breith | Dordrecht, 24 dhen t-Sultain 1625 | ||
Dùthaich | Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte | ||
Bàs |
Groene Zoodje (en) ![]() | ||
Nàdar a’ bhàis | murt duine (mort le gràisg) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Jacob de Witt | ||
Cèile |
Wendela Bicker (en) ![]() | ||
Clann |
liosta
| ||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Sinnsirean |
liosta
| ||
Fine |
De Witt (en) ![]() | ||
Foghlam | |||
Foghlam |
University of Angers (en) ![]() Oilthigh Leiden (1641 - 1645) : lagh | ||
Stiùiriche an teusais |
Frans van Schooten (mul) ![]() Isaac Beeckman (en) ![]() | ||
Cànain | Laideann | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | matamataigear, neach-poileataigs, neach-lagha agus sgrìobhadair | ||
Àitichean-obrach | Den Haag, Dordrecht agus Den Haag | ||
Far-ainmean | D.H. | ||
Creideamh | |||
Creideamh | An Eaglais Ath-leasaichte Dhuitseach |
B' e Johan de Witt neo Jan de Witt (Dordrecht, 24 an t-Sultain 1625 - Den Haag, 20 an Lùnasdal, 1672) Stàitire agus Matamataigear[1] às Na Tìrean Ìsle.[2] Bhuinneadh de Witt do theaghlach Uachdaranach ainmeil cumhachdail. Bha athair, Jacob de Witt, na phròbhaist Dordrecht còig turas agus fhuair de Witt fhèin a chuid fhoghlaim ann an Leiden, far an robh e gu math soirbheachail ann am Matamataig agus Lagh. Chaidh e gu Sasainn, An Eadailt, An Eilbheis agus An Fhraing ann an 1645[3] agus nuair a thill e dhachaigh thoisich e a bhith na fear-lagha ann an Den Haag.
Chaidh e ainmeachadh rianaire (Duitsis: pensionaris) Dordrecht ann an 1650, agus rianaire na h-Òlaind air fad ann an 1653. A bharrachd air sin, phòs de Witt ri Wendela Bicker à Amsterdam air 16 an Gearran 1655 agus fhuair iad ceathrar duine-chloinne còmhla: Agnes, Anna, Maria agus Johan òg. Chuidich am pòsadh seo e ann an saoghal a' phoileataigs leis gu robh teaghlach a' mhnà uabhasach neartmhor cumhachdail sa bhaile aca. le sin, 's e esan a bha os cionn na dùthcha gu ruige 1672, Rampjaar (Gàidhlig: Bliadhna na Dosgainne). Nuair a chaochail Wendela, phòs e ri Cornelia de Ruyter, nighean an àrd-mharaiche Michiel de Ruyter, ann an 1659.
S' e poblachdach a bh' ann de Witt, is e an aghaidh nan Rìoghairean. Cho-rèitich esan còrdaidhean fàbharach còmhla ri Sasainn, A' Phortagail agus An Danmhairg agus leasaich e ìompaireachd nan Tìrean Ìsle thall san san Innd-Innse. Ach bha an dùthaich air a bhith ann an droch staing phoileataigeach fad mòran bhliadhna. Nuair an tug Sasainn, An Fhraing agus easbaigeachdan Münster agus Köln ionnsaigh air Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte chaidh esan agus a bhràthair mòr Cornelius a chur gu bàs[4] le gràisg fheargach fhiadhaich dhe Orangaich ann an Den Haag air 20 an Lùnasdal 1672.
Dh'fhoillsich de Witt an leabhar Elementa curvarum linearum (Gàidhlig: Eileamaidan nan loighnichean lùbte) ann an 1658.[5]