gd.wikipedia.org

Königsberg - Uicipeid

Seo am baile eachdraidheil ro 1945. Airson a' bhaile san latha an-diugh, faic Kaliningrad.

B' e baile eachdraidheil Gearmailteach a bha ann an Königsberg (Laideann: Regimontium Prussorum). B' e Königsberg i. Pr. an t-ainm oifigeil a bha air gus a' bhliadhna 1936, an uair sin Königsberg (Pr) agus eadar 1945 is 1946 Кёнигсберг (Ruiseis) no Karaliaučius (Liotuànais) no Królewiec (Pòlais). An dèidh 1946 dh'atharraich an t-ainm gu Kaliningrad (Gearmailtis) no Калининград (Ruisis). Tha am baile suidhichte faisg air a' Mhuir Bhaltach.

Thogadh Hannah Arendt (1906-1975), Neach-teòiridh poileataigeach, feallsanaiche agus sgrìobhadair Gearmailteach-Aimearaganach an seo. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1255 agus eadar 1457 is 1945 bha e na phrìomh-bhaile dhen Phruis an Ear. B' e teis-mheadhan chultarail is ghnìomhachaidh na sgìre a bha ann an Königsberg. Ann an 1925 bha 279,930 daoine a' fuireach an seo.[1]

Tha Königsberg cliùiteach o chionn 's gun do dh'fhuirich Immanuel Kant, feallsanaiche Gearmailteach, ann fad a bheatha.

  • Bratach

    Bratach

  • Gearradh-arm

    Gearradh-arm

  • Caisteal

    Caisteal

  1. Der Große Brockhaus. 15mh deasachadh, 10mh leabhar, Leipzig 1931, dt. 382 (Gearmailtis).

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: