Michiel de Ruyter - Uicipeid
Michiel de Ruyter | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Vlissingen, 24 dhen Mhàrt 1607 |
Dùthaich | Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte |
Àite-fuirich |
Residence of Michiel de Ruyter (en) ![]() |
Ciad chànan | Duitsis |
Bàs |
Syracuse (en) ![]() |
Àite-adhlacaidh |
tomb of Michiel de Ruyter (en) ![]() |
Nàdar a’ bhàis |
(killed in action (en) ![]() |
Teaghlach | |
Athair | Adriaan Michielszoon |
Màthair | Aelken Jansdochter de Ruyter |
Cèile |
Anna van Gelder (en) ![]() |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Cànain | Duitsis |
Dreuchd | |
Dreuchd |
oifigear, seòladair, skipper (en) ![]() |
Com-pàirtiche
| |
Àitichean-obrach | Vlissingen agus Amsterdam |
Duaisean a fhuaras |
liosta |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm |
Staatse vloot (en) ![]() |
Ìre |
Àrd-mharaiche captain (en) ![]() |
Strì |
A' Chiad Chogadh eadar na Tìrean Ìsle is Sasainn Portuguese Restoration War (en) ![]() Second Anglo-Dutch War (en) ![]() Third Anglo-Dutch War (en) ![]() Franco-Dutch War (en) ![]() |
Creideamh | |
Creideamh | Calbhanachas |
B' e Michiel de Ruyter (IPA: miˈχil ˈaˑdrijaˑnˌsoˑn də ˈrœy̆tər, ainm slàn: Michiel Adriaenszoon de Ruyter, Vlissingen, 24 am Màrt 1607 - Bàgh Siracusa, 29 an Giblean, 1676) seòladair agus àrd-mharaiche às Na Tìrean Ìsle. Chaidh e gu muir nuair a bha e dìreach 11 bliadhna a dh'aois agus,[1] mean air mhean thigeadh e air adhart: 1633 na leas-chaiptean, 1637 na chaiptean, 1654 na leas-àrd-mharaiche, 1654 na àrd-mharaiche. Bha e cho mhòr-chòrdte leis na maraichean sa chabhlach gun do chuireadh am far-ainm Bestevâer (Duitsis: seanair) air.
Thathar dhen bheachd gur e an t-àrd-mharaiche na b' fheàrr a bh' ann a-riamh ann an eachdraidh na dùthcha, agus am fear na b' ainmeile co-dhiù. Bha na rinn e ri linn a' chiad Chogadh Sasainn - Tìrean Ìsle uabhasach cudromach.[2] Bha e an sàs ann an caochladh chogadh san Bhaltach agus an aghaidh Spùinneadaireachd anns a' Mhuir Mheadhanach. Ann an 1672,[3] rè Bliadhna na Dosgainne, thugadh ionnsaigh air a thaigh, leis gur robh dlùth dàimh ann eadar de Ruyter agus Johan de Witt, a cliamhainn.[4] Bha de Ruyter thall thairis aig an àm. Chaidh De Ruyter a leònadh is e an sàs ann an cath aig Siracusa,[5] far a bhàsaich e.
Phòs e trì tursan: ri Maayke Velders ann an 1631 ach chaochail i taobh a-staigh bliadhna. Ann ann 1636 phòs e ri Neeltje Engels, nighean fhir-mhalairt agus thug i triùir duine-chloinne dha, air an robh Adriaen, Neeltje agus Aelken.[6] Phòs e, mu dheireadh thall, leis a' bhantrach Anna van Gelder ann an 1652 agus fhuair iad nighean còmhla, air an robh Margaretha. A bharrachd air sin bha deagh Ghaeilge aice,[7] leis gun sheòladh e gu Èirinn bho 1623 gu ruige 1631.