Tomás Herrera - Uicipeid
Tomás Herrera | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Panama, 21 dhen Dùbhlachd 1804 |
Dùthaich | Poblachd Ghranada Ùire |
Bàs | Bogotá, 1 dhen Dùbhlachd 1854 |
Nàdar a’ bhàis |
(killed in action (en) ![]() |
Teaghlach | |
Athair | Juan Herrera y Torres |
Foghlam | |
Cànain | Spàinntis |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-poileataigs |
Seirbheis san arm | |
Ìre | oifigeach coitcheann |
Strì |
Cogadh nan Àrdanach Cogadh catharra Choloimbia, 1854 |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
B’ e saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann an Tomás José Ramón del Carmen Herrera y Pérez Dávila (Panamá, 21 an Dùbhlachd 1804 – Bogotá, 5 an Dùbhlachd 1854).[1] Bha e na cheann-suidhe Coloimbia Mòire eadar an Giblean agus an Dùbhlachd 1854, gus a chaochail e, agus na cheann-suidhe Stàit a' Chaolais[2] roimhe sin, eadar 18 an t-Samhain 1840 agus 31 an Dùbhlachd 1841. Buineadh Herrera do theaghlach Uachdaran à Panamá, a bha na roinn ann an Coloimbia gu ruige 1902. Chaidh e dhan Arm ann an 1821 agus bha e an lùib iomairtean ann am Pearu agus Junín còmhla ri feachdan na Neo-Eisimeileachd agus dh’fhàs e a bhith na oifigear. Bha e an sàs ann an comhstri phoileataigeach ann an 1828 agus chaidh e dha phrìosan. An dèidh sin shabaid e ann am Panamá ann an 1830 (airson José Hilario López an aghaidh Rafael Urdaneta) agus ann an Cauca ann an 1840.[3] Phòs e aig ann am Panamá ann an 1845[4] agus rug i sianar duine-cloinne dha.[5] Mu dheireadh thall chaidh Herrera a mharbhadh ann am batal faisg air Bogotá an aghaigh José María Melo.