bbc.com

Làrach ùr do BhSGI?

  • ️Naidheachdan a' BhBC
  • ️Mon May 23 2016

Dh'fhaodadh gun tèid Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a ghluasad gu làraich ùir, agus gum biodh àrd-sgoil air a cur rithe cuideachd.

Tha sin am measg mholaidhean a thèid air beulaibh chomhairlichean, agus iad a' coimhead ri mar a ghabhas dèiligeadh le dìth rùm ann an sgoiltean sa bhaile.

Chan eil an sgoil làn gu doras fhathast, ach thathas a' faicinn gum faodadh i a bhith sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-niste a' coimhead ris na roghainnean a th' aca.

Thèid aithisg air beulaibh Comataidh Buileachaidh na Gàidhlig an t-seachdain sa ag ràdh gu bheil iad a' coimhead air làraichean a dh'fhaodadh a bhith freagarrach airson sgoil ùr a thogail a ghabhadh clann eadar trì agus 18.

'S ann gu sònraichte air sgìre an Fhaidhbhilich (Beechwood) air iomall an ear a' bhaile, ach cha deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast càite an deadh an sgoil ùr a thogail.

Dheadh an làrach air a bheil an sgoil an-dràsta, anns an t-Slag Bhuidhe, a chleachdadh mar sgoil Bheurla.#

Thuirt cathraiche Comataidh Buileachaidh na Gàidhlig, an Comh. Hamish Friseal, "gun canadh mòran gur e suidheachadh math a th' ann.

"Tha na h-àireamhan de chloinn òig a tha a' coimhead airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig anns an sgoil a' dol suas," thuirt e.

"Chan eil rùm ann airson nan àireamhan a tha sinn a faicinn a tighinn air adhart anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

"Tha sin a' toirt dragh dhuinn, gum feum sinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn an làrach fhèin air no sgoil ùr a thogail airson sin a chur ceart," thuirt e.

Dh'aidich Mgr Friseal ge-tà, gum biodh e duilich an làrach anns an t-Slag Bhuidhe a leasachadh.

"Dh'fhaodamaid seòmar sgoile no dhà a chur ris an togalach, ach chan eil sin a' dol a dhèanamh feum mhòir san àm ri teachd.

"Mar sin, tha sinn a' coimhead air dè na roghainnean a th' againn. An ann a' dol a thogail sgoile ùir air fad air làraich eile, no a' dol a dh'obair air an làraich a th' againn," thuirt e.

Baile Dhùbhthaich

A rèir na h-aon aithisg thèid coimhead cuideachd air mar a thathas a lìbhirigeadh foghlaim Ghàidhlig ann am Baile Dhùbhthaich.

Tha sgoil ùr ga togail an sin airson cloinne eadar trì agus 18, anns am bi foghlam Gàidhlig agus Beurla.

Ach, a rèir na h-athaisge, tha beachd ann gum faodadh e a bhith na bu fhreagarraiche bun-sgoil Ghàidhlig fa-leth a thogail.

Beachdaichidh Comataidh Buileachaidh na Gàidhlig air an aithisg Diardaoin.