Cead do dh'Ionad Ceartais Inbhir Nis
- ️Naidheachdan a' BhBC
- ️Wed Mar 01 2017
'S e Riaghaltas na h-Alba a phàigheas airson an ionaid ùir.
Thug comhairlichean Gàidhealach cead do dh'Ionad Cheartais ùr Inbhir Nis, a chosgas £23m.
Thèid a thogail air làrach seann ionad bhusaichean eadar Rathad an Longman agus Rathad Bhurnett.
Leigidh seo le Caisteal Inbhir Nis, a tha ga chleachdadh an-dràsta le Seirbheis nan Cùirtean, a bhith air a leasachadh mar àite anns am bi goireasan do luchd-turais.
'S e Riaghaltas na h-Alba a phàigheas airson an ionaid ùir.
Stèisean rèile
Chaidh taic a chur cuideachd ri planaichean airson stad rèile ùr faisg air port-adhair Inbhir Nis.
Bidh àitean-parcaidh ann airson 150 càr.
Tha dùil gum fosgail an stèisean ùr an ath-bhliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh