Tòisichidh obair ùrachaidh air Caisteal Inbhir Nis am bliadhna
- ️Naidheachdan a' BhBC
- ️Thu Feb 20 2020
Tha dùil gun tòisich obair airson Caisteal Inbhir Nis a dhèanamh na làrach turasachd am bliadhna.
Chaidh a thogail san 19mh Linn air cnoc le sealladh air Abhainn Nis; an-diugh tha seirbheisean cùirteach a' bhaile ann.
Ach tha Cùirtean Albannach agus Seirbheis Thribiunalan a' dèanamh deiseil falbh às agus gluasad a-steach a thogalach ùr.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd an ceann na h-obrach airson taigh-tasgaidh, gailearaidhean ealain agus àiteachan-fuirich do luchd-turais a stèidheachadh ann.
Thèid tairgse airson cùmnant na h-obrach a-mach gu tairgse sa Chèitean.
Dh'fhaodadh gum fosgail an caisteal mar àite do luchd-turais ann an 2025, mura a tig cnap-starra an rathad an leasachaidh nuair a nì iad sgrùdadh air an structar.
Tha am pròiseact mar phàirt de dh'Aonta Baile Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd luach £315m, dhan tug an dà chuid riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte maoineachadh, cho math ri Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.
Thuirt pròbhost Inbhir Nis, Eilidh Nic 'ille Mhìcheil, gu robh pròiseact a' chaisteil "fìor chudromach" a thaobh a bhith ag ath-bheòthachadh meadhan baile Inbhir Nis, agus airson gnìomhachas na turasachd san sgìre air fad.
Thuirt i: "Tha mi cho toilichte gu bheil Caisteal Inbhir Nis gu bhith na àite a dh'fheumas daoine fhaicinn agus a thàlas daoine chun na Gàidhealtachd."
Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail agus na Turasachd, Fearghas Ewing: "Tha sinn airson linn ùr a chruthachadh dhan chaisteal a tha mar-thà tarraingeach, airson goireasan a chruthachadh ann a thàlas luchd-turais agus muinntir an àite agus a bhrosnaicheas daoine fuireach rud beag nas fhaide san sgìre."
Chaidh an caisteal a thogail a' cleachdadh clach-ghainmhich ann an 1836.
Chaidh a chur air cnoc os cionn a' bhaile agus Abhainn Nis. Ann an 1848, chaidh togalach air a bheil Am Bloc a Tuath sa robh prìosan a chur ris.
Thathar a' creidsinn gur dòcha gu robh caisteal air an làraich a' dol air ais cho fada ris an 11mh Linn.