Seann sgoil Èirisgeigh leis a' Chomann Eachdraidh
- ️Naidheachdan a' BhBC
- ️Fri Jun 04 2021
Fhuair Comann Eachdraidh Èirisgeigh sealbh air sgoil agus taigh-sgoile an eilein le taic-airgid bho Stòras Fearainn na h-Alba.
Thòisich an iomairt aca airson sealbh fhaighinn air an sgoil ann an 2016 - beagan bhliadhnaichean às dèidh dhi dùnadh.
Thuirt Iagan MacAonghais bhon Chomann Eachdraidh gun do chuir a' bhliadhna mu dheireadh tuilleadh mhaill air a' chùis leis nach b' urrainn dhaibh coinneachadh le suidheachadh Covid.
Tha iad ag amas air an sgoil fhèin a bhith na h-ionad dualchais far an tèid leithid rannsachadh air sinnsearachd a dhèanamh.
Bidh iad a' sireadh beachd na coimhearsnachd air na thèid a dhèanamh leis an t-seann taigh-sgoile.
Thuirt Mgr MacAonghais gu bheil iad an dòchas gun tig obraichean às a' phròiseact.
"Tha, uill tha sinn an dòchas co-dhiù. Bidh obair gu leòr fiù 's a' dèanamh suas an àite fhèin".
"Aon uair 's gun tòisich e bidh obair anns an àite-bìdhe 's an ionad-taisbeanaidh".
Bidh iad a-nis a' sireadh tuilleadh airgid airson na planaichean aca a thoirt gu buil.
"Feumaidh sinn airgead gu leòr a thogail fhathast. Tha an obair dhoirbh a' tòiseachadh a-nis" thuirt e.